From professional translators, enterprises, web pages and freely available translation repositories.
altavista babelfish
cha do chuir na thuirt nicola sturgeon aig holyrood an-dè iongnadh air duine sam bith. chan fhaca mi an liosta ceannachd ro làimh. ach bha na cumhachdan ùra a dh'iarr i ann an dubh is geal air duileagan manifesto an snp. a bharrachd air na tha a' tighinn gu holyrood mar thoradh air proiseas chomisein mhic a' ghobhainn, dh'innis am prìomh mhinistear gun robh sreath de chumachdan ùra a dhìth air alba. nam measg bha smachd air a' bhun-thuarasdal, an àireachas nàiseanta, cìsean gnìomhachais, sochairean sòisealta agus polasaidh co-ionnanachd. Às dèidh don snp taic mhòr fhaighinn airson an liosta sin an t-seachdain a chaidh nach feum dàibhidh camshron gabhail ris?
Last Update: 2015-05-15
Usage Frequency: 1
Quality:
Reference: